Pòg Aon Oidhche Earraich

By Runrig

On Amazing Things

Thumbnail

[Bruidhinn]

An saoghal, sia uairean

Obair là ri cùl

Teaghlach gabhail dhan a' mheas

Pailteas, slàint', is gaol

An Ruis a' tuiteam sìos mum chluasan

An Ear Mheadhain am brot cho dorch'

Is thusa, uilc is a mhuirt is a' shabaid

Na mo bheatha a h-uile oidhche


[Sèist]

O luaidh b' e siud an gràdh

A dh'fhàg mi ceangailt' riut an-dràst'

Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs

Bho phòg aon oidhche earraich


[Bruidhinn]

An greim cho teann 's cho àraid

Mar òrd na mo dhòrn

A' ghealach bha cho soilleir

'S a gheall a leithid dhuinn

Bha sinn mar longan seòlaidh

Air cuan buidhe òg a' chridhe

Mu choinneamh clann an t-saoghail 's a theaghlaich

Gun ghuth no gàir', Dia, no biadh


[Sèist]

O luaidh b' e siud an gràdh

A dh'fhàg mi ceangailt' riut an-dràst'

Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs

Bho phòg aon oidhche earraich


[Bruidhinn]

Cò às an tàinig na reultan, thuirt mi

Cò às an tàinig grian

Tha sinn cho leòint' fon a' ghealach seo

Anam craidht' seachad air ifrinn fhèin

Ach tha thusa brosnachadh nam bliadhnaichean

Le saidhbreas seachad air mo dhìth

Cho gheal ri sneachd gach uile gheamhradh

An t-òran gaoil m' fhaosaid chiontach fhèin


[Sèist]

O luaidh b' e siud an gràdh

A dh'fhàg mi ceangailt' riut an-dràst'

Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs

Bho phòg aon oidhche earraich

O luaidh b' e siud an gràdh

A dh'fhàg mi ceangailt' riut an-dràst'

Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs

Bho phòg aon oidhche earraich

O luaidh b' e siud an gràdh

A dh'fhàg mi ceangailt' riut an-dràst'

Cò shaoileadh an rud a dh'fhàs

Bho phòg aon oidhche earraich