O Cho Meallt

By Runrig

On Heartland

Thumbnail

Nuair a bha sinn òg is saor

Thoisich sinn a’ seinn sa Ghàidhlig

Snìomh ceòl ’s a’ sgrìobhadh òrain

’S a’ cluich nar còmhlan ’son ar beòshlaint

O cho meallt’ ’s a tha an saoghal

Dh’fhàg sinn eileanan an iar

’S thòisich sinn a’ cluich tro Alba

Is bha gnothaichean mar bu chòir

Gun do nochd an duine mòr à Lunnainn

O cho meallt’ ’s a tha an saoghal


[Instrumental]

"Abair ceòl a th’ agaibh an seo

O nach tig sibh còmhla riumsa

’S nì sinn adhartas tron an t-saoghal

Dìreach cur d’ ainm aig bonn a’ phàipeir"

O cho meallt’ ’s a tha an saoghal

"Chan atharraich mi an ceòl agaibh ann

Chan atharraich mi na h-òrain Ghàidhlig"

Ach chuala sinn mu dheireadh thall

Na breugan ’s na faclan falamh

O cho meallt’ ’s a tha an saoghal

Sibhse a tha òg agus saor

Stad mus cur sibh ainm ri pàipear

Is cùm a-mach sùil ’son nan daoine mòra

An saoghal fuar tha ’g adhradh airgead

O cho meallt’ ’s a tha an saoghal

O cho meallt’ ’s a tha an saoghal

O cho meallt’ ’s a tha an saoghal