[Verse 1]

Dorch’ a-nochd tha ’n t-Eilean

Dathan air am fuadach far nam beann

Tha faileas a’ tuiteam bhon an Stòr

Mar d’ fhalt dorch’ a’ suabadh do cheann


[Chorus]

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

’S mi gad ionndrainn hò-rò


[Verse 2]

Dè math an tobar gun an t-uisge

Dè math an corp gun chridh’

Nam biodh neart an Stòir nam làmhan

Bhiodh sinn ler cheile san Eilean a-rithist


[Chorus]

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

’S mi gad ionndrainn hò-rò


[Verse 3]

’S dòch’ nach fhaigh sinn nèamh no beatha eile

Nuair a dhùineas sùilean aig deireadh lath’

Ach fhuair mi mo nèamh an seo san àite

Far an tug thu dhomh do làmh ’s do chridhe slàn


[Chorus]

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

’S mi gad ionndrainn hò-rò

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

Hòrò Mhàiri ò

’S mi gad ionndrainn hò-rò


[Instrumental]

Hòrò mo Mhàiri ò