Foghar nan Eilean ’78

By Runrig

On The Highland Connection

Thumbnail

[Verse 1]

Tha na duilleagan a’ dannsa

Bho na craobhan anns a’ ghaoith

Foghar donn ar bliadhn’ air tionndadh

Nis tha luchd an t-samhraidh mu sgaoil


[Verse 2]

Sona dh’fhàg thu mi lem eilean

’S leam na lochan is na bàigh

Mo cridh’ aig tàmh air beanntan geamhraidh

Nis tha luchd an t-samhraidh mu sgaoil


[Chorus]

Foghar nan eilean

Foghar mu thuath

Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn

Mus tàinig an t-sluagh

Bidh am fraoch air na beanntan

’S a’ choille ruadh fon ghrian

’S iad a’ sealltainn dathan dhòmhsa

Gus an till iad a-rithist


[Verse 3]

Latha seachad, bùitean dùinte

Gheibh an caisteal fois na h-oidhch’

Gheibh an t-airgead cadal socair

Nis tha luchd an t-samhraidh mu sgaoil


[Verse 4]

Mar a dh’atharraich iad ar beòshlaint

Mhill iad dualchas cainnt ’s ru dòigh

Foghar, crathaidh mi do làmh

Nis tha luchd an t-samhraidh mu sgaoil


[Chorus]

Foghar nan eilean

Foghar mu thuath

Gheibh sinn beatha mar a chleachd sinn

Mus tàinig an t-sluagh

Bidh am fraoch air na beanntan

’S a’ choille ruadh fon ghrian

’S iad a’ sealltainn dathan dhòmhsa

Gus an till iad a-rithist