Da Mhìle Bliadhna

By Runrig

On In Search of Angels

Thumbnail

Fo na gealaichean

Air rathad dà mhìle bliadhn’

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Cò chreideadh na dh’fhairich sinn

’S na chunnaic sinn ri ar linn

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Dh’fhàs am fàsach suas

Far ’n do chuir sinn sìol ar nàire

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Dìleab mòr nan daoine

An t-acras is am pàthadh

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Anns an aineolas

Chaidh ar gàirdeachas air chall

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Dà mhìle bliadhn’

Air an rathad leathainn mhall

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Tha mi dìreadh a’ chnuic as àird’

Airson sealladh dhan an talamh

Air cùl a’ ghlinne taobh eile thall

Air sràidean baile a mhaireas

An là nach crìochnaich is nach gluais

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Tro na h-àireamhean

Mar fhàradh thèid sinn suas

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Anns an dealachadh

Atharraichidh sinn ann am priobadh sùil

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan

Thoir dhuinn an àireamh nuadh

Na làithean buan