Cearcal a’ Chuain

By Runrig

On The Highland Connection

Thumbnail

[Verse 1]

Tha sinn uile air cuan

Stiùireadh cuairt tro ar beatha

A’ seòladh geòla dorch’

Air chall an grèim na mara

Tha a’ ghaoth air ar cùl

Tha a’ gheòl a’ cumail roimhe

’S cha dèan uair no an cuan

Toinisg dhuinn no rian


[Verse 2]

A’ mhuir tha i ciùin

Tha i fiadhaich tha i farsainn

Tha i àlainn tha i dìomhair

Tha i gamhlasach is domhain

Ò ach sin, tha sinn dall

’S chan eil againn ach beatha

Tog an seòl, tog an ràmh

Gus an fhaigh sinn astar ann


[Verse 3]

Tha mi ’n dùil, tha mi ’n dùil

Nuair a bhios a’ ghrian dol fodha

Chì iad mi a’ stiùireadh ’n iar

Null a dh’Uibhist air a’ chearcall

Ò, cearcall a’ chuain

Gu bràth bidh i a’ tionndaidh

Leam gu machair geal an iar

Far an do thòisich an là