Abhainn An T-Sluaigh

By Runrig

On The Big Wheel

Thumbnail

Chan eil an t-adhar os cionn Lunnainn a-nochd soilleir no dorch’

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Gun sgeul air coinneal mòr latha no reultan na h-oidhch’

Fada bho abhainn an t-sluaigh

An seo ’s am baile gun chadal, gun fhois is gun saors’

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Casan a’ gluasad an abhainn an tuil

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Na cuibhlichean ’s cabhaig a’ tionndadh gun sgur

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Cus ag adhradh beairteas aig altair an t-saoghail

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Càch gun dòchas, gun dachaidh air sràidean gun ghaol

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Leis gach dath is gach creideamh, gach cainnt às gach ceàrn

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Gach ceist is gach freagairt sìos an abhainn gu cuan

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Fada bho abhainn an t-sluaigh

Fada bho abhainn an t-sluaigh

O, fada bho abhainn an t-sluaigh