Released on January 20, 2017

Thumbnail

Teann a-null ‘s na fuirich rium

Bhon ‘s e mo dhiomb a choisinn thu

Fuirich sàmhach air mo chùlaibh

Sùgradh cha bhith nochd againn

Latha dhomh ‘s mi agòl an drama

Còmhla ri òigearan glana

Ged a bha mo bheansa banail

‘s sgainnealach a throid i rium

Labhair ise sin na briathran

“Fàsaidh tu d’ shruthaire breugach

‘s eagal leam nach paigh thu d’ fhiachan

‘s e do ghnìomh tha coltach ris!”

“Chan fhuiling mi bonn a d’ bheadradh

Air moch no anmoch no feasgar

‘s fheàrr leat comunn nan stòb beaga

‘s thoill thu leasan goirt thoirt dhut!”

“Thug thu òg do cheannas-cinnidh

Do Mhac an Tòisich an gille;

Bhon a rinn an t-òl do mhilleadh

Ad mhire chan eil toirt agam!”

“’S olc an obair dhut bhith daonnan

A’ tighinn dhachaigh air an daoraich

Cuiridh tu mise gu caoineadh

‘S dh’aognaich fear do choltais mi.”

“Tha thu gun bhriogais, gun fhèileadh

‘s e air tolladh air do shlèisnean

‘s ciamar a nì mi dhut èideadh?

Chuir thu fèin gu bochdainn mi.”